Work

Comasan labhairt ann an Gàidhlig

Year: 2015
Type: conference-paper
Abstract: Tha Bòrd na Gàidhlig air cudrom a chur air ròl luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig ann an ath-bheothachadh a’ chànain. Aig an aon àm, ge-tà, tha easbhaidhean ann am poileasaidhean a thaobh foghlam cànain a’ cur dùbhlain orra agus iad airson an ròl sin a choileanadh. ’S e fear dhe na h-easbhaidhean sin nach eil dòigh ann a tha stèidhichte air dàta dearbhte airson measadh agus tuairisgeul air sgilean cànain a dhèanamh. Tha am pròiseact Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG) airson aghaidh a chur air an easbhaidh seo tro mheadhan frèam-obrach airson teagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig. Rinn luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig, aig gach ìre fileantais, eacarsaichean a’ gabhail a-steach agallamh neo-fhoirmeil, gnìomh sgeulachd, agus gnìomh airson structaran gràmarach fhaighinn. Cleachdar an dàta seo airson corpas Gàidhlig bheòil a chruthachadh, a bhios na bhun-stèidh de chlàran-tomhais Ghàidhlig airson luchd-ionsachaidh inbheach agus an tidsearan. Anns an taisbeanadh seo, bheir mi cunntas dhen adhartas a thathar air dèanamh gu ruige seo air a’ phròiseact, agus nì mi tuairisgeul air na ceumannan a tha romhainn airson an fhrèam-obraich a chruthachadh. Nì toraidhean CLAG cinnteach gum faigh luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig goireas deatamach, coltach riutha sin airson cànain Eòrpach eile, leithid Beurla, Duitsis, agus Gàidhlig na h-Èireann. Cuideachd, cuiridh am frèam-obrach ri àrdachadh anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh a bhios a’ ruighinn fileantachd ann an Gàidhlig.
Author: Nicola Carty
Language: Scottish Gaelic
Open Access status: green
OpenAlex ID: W1620173899
FWCI:
Cites:
Cited by:
Related to: 9